Scots Gaelic Bible

Mark 15

Mark

Return to Index

Chapter 16

1

 

  `S nuair a chaidh an t-sabaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, is Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los gum falbhadh iad gus Iosa ungadh.  

 

 


2

 

  Agus ro-mhoch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine.  

 

 


3

 

  `S bha iad ag radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe?  

 

 


4

 

  `Sa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air falbh. Oir b` anabarrach mor i.  

 

 


5

 

  `Sa dol a stigh dhan uaigh, chunnaic iad fear og na shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgath orra.  

 

 


6

 

  Is thuirt e riutha: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh a cheusadh: dh` eirich e, chan eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e.  

 

 


7

 

  Ach falbhaibh, is innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh.  

 

 


8

 

  `Sa gabhail a mach, theich iadsan bhon uaigh: oir ghlac eagal is uamhas iad; `s cha tuirt iad ni ri duine sam bith: oir bha sgath orra.  

 

 


9

 

  Ach esan ag eirigh moch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain.  

 

 


10

 

  Dh` fhalbh ise, agus dh` innis i dhaibhsan a bha air a bhith comhla ris, `s iad a gal sa caoidh.  

 

 


11

 

  Is iadsan a cluinntinn gun robh e beo, `s gum facas e leatha, cha do chreid iad.  

 

 


12

 

  `S an deigh sin dh` fhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach don duthaich.  

 

 


13

 

  Agus dh` fhalbh iadsan, is dh` innis iad do chach: `S cha mhua chreid iadsan iad.  

 

 


14

 

  Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus chronaich e iad air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh aiseirigh.  

 

 


15

 

  Is thuirt e riutha: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul dhan h-uile creutair.  

 

 


16

 

  Esan a chreideas `sa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh.  

 

 


17

 

  Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Nam ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangannan ura;  

 

 


18

 

  Is togaidh iad nathraichean; agus ma dh` olas iad ni marbhtach sam bith, cha dean e cron orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math.  

 

 


19

 

  Agus an deigh don Tighearna Iosa labhairt riutha, thogadh suas e gu neamh, agus tha e `na shuidhe air laimh dheis Dhe.  

 

 


20

 

  Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, `sa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean. Amen.  

 

 


Genesis 1

 

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: